Tha sinn a’ lorg treòraiche saor-thoileach aig a bheil Gàidhlig a bhith pàirt den sgioba mhòr, dhealasach againn.

Treòraiche Saor-thoileach  (le Gàidhlig)

Àite: Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, Dùn Èideann

Cothrom: Tha Treòraichean Saor-thoileach aig cridhe prògram poblach inbheach Thaighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba; a’ lìbhrigeadh thurasan aig àrd-ìre do luchd-tadhail nan gailearaidhean stèidhichte agus taisbeanaidhean sònraichte againn. 

Tha Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba airson am prògram seo a mheudachadh le turasan tro mheadhan na Gàidhlig.  Bhiodh iad rim faighinn mar phàirt de ar prògram leantaileach an-asgaidh don phoball agus cuideachd do bhuidhnean prìobhaideach a nì iarrtas air an son ro-làimh. 

Uairean-obrach: ròta sùbailte

Ceann-là airson tagraidhean: 1 Màrt 2017

Faidhlichean

Dealbh-dreuchd Treòraiche Saor-thoileach       

Foirm-tagraidh Treòraiche Saor-thoileach

Fiosrachadh do luchd-tagraidh dhreuchdan saor-thoileach

Carson a tha sinn a’ fastadh?

Aig Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, tha sinn a’ glèidheadh chruinneachaidhean a tha cudromach aig ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta.  Tha am beartas stòrasan againn mar thoradh air dà cheud bliadhna de thional a bhuineas ri gach nì eadar arc-eòlas Albannach agus clasaigeach chun nan ealan sgeadachail is nan ealan gnìomhach; bho chultaran an t-saoghail gu saidheans, teicneòlas agus an saoghal nàdarrach.  Tha na cruinneachaidhean againn nan dìleab a tha sinn a’ tasgadh às leth muinntir na h-Alba uile. 

Aig cridhe ar prògraim phoblaich do dh’inbhich, a bhios a’ tàladh faisg air 10,000 luchd-tadhail gach bliadhna, tha na turasan a bhios na treòraichean saor-thoileach againn a’ lìbhrigeadh. Tha sinn an-dràsta a’ tabhann trì turasan an-asgaidh do mhuinntir a’ phobaill gach latha:

11:00 Rannsaich an Taigh-tasgaidh Nàiseanta

13:00 Turas air Prìomh Phuingean Ghailearaidhean na h-Alba

15:00 Turas Cuspaireil

Tha sinn cuideachd a’ tabhann turasan clàraichte (aig prìs) do ghrunn bhuidhnean. Airson tuilleadh fiosrachaidh, faicibh www.nms.ac.uk/tours

Tha sgioba mòr againn de threòraichean dealasach agus tha sinn airson treòraichean a bhruidhneas Gàidhlig a chur ris.   

Dè a tha a dhìth oirnn?

Tha an Dealbh-dreuchd air Treòraiche Saor-thoileach a’ dèanamh inneas air na bhios treòraichean a’ dèanamh.  Is dòcha gu bheil sibh fhèin air turas a ghabhail, agus fhaicinn na bhios iad ris!   

Tha sinn a’ sireadh treòraiche a tha airson na turasan Rannsaich an Taigh-tasgaidh Nàiseanta agus/no Turas air Prìomh Phuingean Ghailearaidhean na h-Alba a leasachadh.     

Bhiodh sibh ag obair còmhla ri Treòraiche a tha san dreuchd mar-thà, a bhiodh na neach-stiùiridh agaibh airson bhur cuideachadh gus turas a chruthachadh – na bithibh eagal oirbh, cha leig sibh a leas a bhith uile-fhiosrach mus tòisich sibh, dìreach deònach ionnsachadh, agus beagan rannsachaidh a dhèanamh air bhur ceann fhèin.

Bhiodh sinn toilichte nam b’ urrainn dhuibh obair aig an deireadh-sheachdain m.e. aon latha air an deireadh-sheachdain gach mìos airson turas uair a thìde.  Ach, tha an ròta air leth sùbailte, agus faodaidh e freagradh air na h-àmannan as urrainn dhuibh a bhith ann. 

Tuilleadh fiosrachaidh

Ma tha sibh ag iarraidh bruidhinn gu neo-fhoirmeil, cuiribh fios gu  

Lee McCulley, Oifigear Ionnsachaidh Inbheach        0131 247 4439  l.mcculley@nms.ac.uk

Deborah Wilson, Co-òrdanaiche Luchd-obrach Saor-thoileach        0131 247 4433  d.wilson@nms.ac.uk

Tha sinn an dòchas gum bi fiughair oirbh na gailearaidhean mìorbhaileach seo a mhìneachadh don luchd-tadhail!

Gaelic-speaking volunteer guide

We are looking for a Gaelic-speaking volunteer guide at the National Museum of Scotland.

Location: National Museum of Scotland, Edinburgh

Opportunity: Volunteer guides provide a vital contribution to the National Museum of Scotland’s public events programme for adults, by offering a high standard of tours about our permanent galleries and special exhibitions to museum visitors. National Museums Scotland wish to add to this programme by providing tours delivered in Gaelic. These would be available as part of our ongoing, free, public programme and also for private, booked groups on an ‘as requested’ basis.

When required: This is an on-going volunteer role at National Museums Scotland. It is flexible with hours and days.

See the role description for full details.

Closing date for applications: 1 March 2017

Downloads

Volunteer Guide Role Description    

Volunteer Guide Application Form

Information for volunteers

Why are we recruiting?

At National Museums Scotland, we care for collections of national and international importance.  Our wealth of treasures represent more than two centuries of collecting.  Collections take in everything from Scottish and classical archaeology to decorative and applied arts; from world cultures and social history to science, technology and the natural world.  Our collections are a legacy which we look after on behalf of all Scots.

A key part of our public programme for adults is our popular volunteer-guide led tours, attended by almost 10,000 people each year. At present we offer three free tours for the public every day:

11:00 Discover the National Museum

13:00 Scotland Galleries Highlights tour

15:00 Themed tour

We also offer pre-booked tours (at a charge) for a range of groups. For more information, visit www.nms.ac.uk/tours

We have a large and enthusiastic team of guides and we are looking to recruit Gaelic speaking guides to join our existing team

What do we need?

The Volunteer Guide role description gives you an overview of what the guides do. You may well have been on a tour already to see what they do for yourself!

We are looking for guides who would like to develop a Discover the National Museum tour and/or a Scotland Galleries Highlights tour.

You would work with an existing Guide as a mentor to help you develop a tour – don’t worry, you don’t need to know everything before you start, just be willing to learn and do some of your own research.

Some weekend availability is welcomed e.g. one weekend day per month to give a one-hour tour. However, the rota is very flexible, and can work around your availability each month.

Further information

If you would like to have an informal chat, please contact either

Lee McCulley, Adult Learning Officer            0131 247 4439  l.mcculley@nms.ac.uk

Deborah Wilson, Volunteer Co-ordinator       0131 247 4433  d.wilson@nms.ac.uk

We hope you are keen to help us bring these wonderful galleries to life for our visitors!