Skip Navigation or Skip to Content

Taighean-tasgaidh Nàiseanta Alba a’ com-pàirteachadh le Sabhal Mòr Ostaig air Prìomh Thaisbeanadh Ùr

Monday 2 September, 2019

Tha Taighean-tasgaidh Nàiseanta Alba agus Sabhal Mòr Ostaig, a’ Cholaiste Ghàidhliganns an Eilean Sgitheanach a tha na com-pàirtiche ann an Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, air co-obrachadh a thoirt gu buil air susbaint an taisbeanaidh shamhraidh, Fiadhaich Glòrmhor: Seallaidhean Romansach de dh’Alba

Taighean-tasgaidh Nàiseanta Alba a’ com-pàirteachadh le Sabhal Mòr Ostaig air Prìomh Thaisbeanadh Ùr

Fiadhaich Glòrmhor: Seallaidhean Romansach de dh’Alba

26 Ògmhios gu 10 Samhain 2019

Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, Sràid Chambers, Dùn Èideann

nms.ac.uk/wildandmajestic

#WildAndMajestic

Tha Taighean-tasgaidh Nàiseanta Alba agus Sabhal Mòr Ostaig, a’ Cholaiste Ghàidhliganns an Eilean Sgitheanach a tha na com-pàirtiche ann an Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, air co-obrachadh a thoirt gu buil air susbaint an taisbeanaidh shamhraidh, Fiadhaich Glòrmhor: Seallaidhean Romansach de dh’Alba.  

Bidh Fiadhaich Glòrmhor: Seallaidhean Romansach de dh’Alba a’ sgrùdadh mar a chaidh Alba a stèidheachadh sa mhac-meanmna mar tìr nam beann, nan gleann ‘s nan gaisgeach, agus mar a mhaireadh an t-èideadh Gàidhealach, a’ phìob mhòr agus na beanntan àrda nan samhlaidhean air fèin-aithne na h-Alba, a dh’aithnichear air feadh an domhain. Thèid an linn eadar call mòr nan Seumasach air Blàr Chùil Lodair ann an 1746 agus bàs na Bànrigh Bhictòria ann an 1901 a thaisbeanadh.

Tha cànan agus cultar nan Gàidheal rim faicinn air feadh an taisbeanaidh seo agus aithris an taisbeanaidh ri chluinntinn anns an dà chànan. Thathar a’ sgrùdadh nan oidhirpean anns an robh eileamaidean den chultar Ghàidhealach gan gleidheadh is ath-bheothachadh an dèidh aramach nan Seumasach. Anns an linn seo, chaidh beachdan a’ mhòr-shluaigh Bhreatannaich is Eòrpaich atharrachadh gu tur mar thoradh air a’ cheangal eadar Alba agus an gluasad Romansach. ‘S ann air seo a bhiodh na ciad iomairtean turasachd ann an Alba stèidhichte agus bheireadh seo buaidh air an dàimh eadar Alba agus teaghlach rìoghail Hanòbhair, gu h-àraid Seòras IV agus a’ Bhànrigh Bhictòria.

Thuirt Dr Stuart Allan, Glèidheadair Eachdraidh is Arc-eòlas na h-Alba aig Taighean-tasgaidh Nàiseanta Alba:

“’S e toileachas mòr a th’ ann dhuinn a bhith a’ co-obrachadh le Sabhal Mòr Ostaig air an taisbeanadh seo. Tha sàr eòlas ar co-obraichean aig an t-Sabhal, Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart agus Proifeasair Ùisdean Cheape, air sealladh luachmhor a thoirt don sgeul, agus sinn an dòchas gum faigh luchd-tadhail an taisbeanaidh eòlas ùr air linn inntinneach aimhreiteach san eachdraidh againn.”

Thuirt Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart, Sabhal Mòr Ostaig:

Tha sinn fhèin aig Sabhal Mòr Ostaig a’ cur fàilte bhlàth chridheil air a’ chom-pàirteachas le Taighean-tasgaidh Nàiseanta Alba. Tha sinn a’ cur luach air na cothroman an lùib leudachadh an taisbeanaidh seo agus sinn a’ mìneachadh dè cho cudromach ‘s a bha an cultar Gàidhealach nuair a chaidh fèin-aithne nuadh na h-Alba a dhealbhadh, cultar a dh’aithnichear air feadh an t-saoghail nar cuid ealain, litreachais is ciùil.

Tha eòlaichean aig an t-Sabhal Mhòr air comhairle a chumail air teacsa nam pannalan a thèid taisbeanadh anns a’ Bheurla agus anns a’ Ghàidhlig. Bidh gach roinn den taisbeanadh a’ sgrùdadh nan cuspairean bho shealladh Gàidhealach, agus chithear agallamhan air feadh an taisbeanaidh le caochladh bheachdan, agus Gàidheil nam measg, air cuid de chonnspaidean eachdraidheil an linn.

Bidh còrr is 300 nì bho chruinneachaidhean Thaighean-tasgaidh Nàiseanta Alba agus 38 luchd-iasaid air feadh na rìoghachd gan taisbeanadh. Bidh iad a’ mìneachadh sgeul anns a bheil daoine barraichte mar a’ Bhànrigh Bhictòria agus am Prionnsa Albert; an Rìgh Seòras IV; Sir Walter Scott; Robert Burns; JMW Turner; Henry Raeburn; Felix Mendelssohn; William agus Dorothy Wordsworth; Ludwig Van Beethoven agus am Morair Byron, a rinn an dàn Lachin y Gair (Loch na Gàire) ann an 1807 bhon d’ fhuaireadh tiotal an taisbeanaidh seo. Bidh Gàidheil ainmeil air an taisbeanadh cuideachd a leithid sgrìobhadair/eadar-theangaiche Oisein, Seumas Bàn MacMhuirich, an saighdear is eòlaiche eachdraidh, Daibhidh Stiubhart den Chloinn Duibh-shùilich, an ceann-cinnidh Mac Mhic Alasdair (Alasdair MacDhòmhnaill de Chloinn Dòmhnaill Ghlinne Garadh), agus an luchd beul-aithris, Alasdair Gilleasbaig MacGilleMhìcheil agus Iain Òg Ìle.

Tha na buidhnean a leanas às a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan am measg luchd-iasaid an taisbeanaidh, a th’ air maoineachadh fhaighinn bho Baillie Gifford Investment Managers, Museum nan Eilean, Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Inbhir Nis, Taigh-tasgaidh an Fhreiceadain Duibh, Caisteal Bhlàir, Am Fasgadh - Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd, Urras Gleidhidh MhicDhùghaill Dhùn Olla agus An Comunn Gàidhealach. Tha Stèidheachd Uilleim Ghrannd a’ cumail taic ri rannsachadh air an èideadh Ghàidhealach a chithear anns an taisbeanadh.

Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ toirt lethbhreac air iasad don taisbeanadh den dreach Gàidhlig de leabhar-latha na Bànrigh Bhictòria a chaidh fhoillseachadh ann an 1878.

Bidh na ceanglaichean eadar na nithean agus eachdraidh na Gàidhlig gan dealbhadh tron bheairteas a thèid taisbeanadh a leithid:

  • An Leabhar Dearg, sgrìobhte anns a’ Ghàidhlig le bàird do Chloinn Raghnaill anns an 17mh is 18mh linntean, anns a bheil dàin, sinnsearachd agus eachdraidh Chloinn Dòmhnaill, chaidh an làmh-sgrìobhainn seo a chleachdadh le Seumas Bàn MacMhuirich nuair a bha e a’ rannsachadh dàin Oisein
  • Bratach pìoba air a bheil briathran Gàidhlig leis an rèisimeid, Na h-Eilthirich Rìoghail Ghàidhealach, a chaidh a thogail do dh’Arm Bhreatainn ann an Aimeireaga a Tuath mun bhliadhna 1776
  • Bile naidheachd (1783) anns a bheil tagradh anns a’ Ghàidhlig airson ais-ghairm na h-Achd Pàrlamaid (1747) a thoirmisg an t-Èideadh Gàidhealach
  • Faclair Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh ann an 1828 agus a mhaoineachadh le Comunn Gàidhealach Lunnainn.
  • Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn, ann an riochd targaid Ghàidhealach agus air a h-ainmeachadh air dithis Sheumasach ainmeil agus i air a toirt seachad mar duais don chòisir as fheàrr aig a’ Mhòd Nàiseanta bho 1903.

Bidh Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean a’ cur ris a’ phrògram thachartasan cuideachd is a’ cumail tachartais anns am bi Donnie Rothach, a bha na sheinneadair sa chòmhlan Runrig, a’ còmhradh le Dr David Worthington aig Oilthigh na Gàidhealtachd.

 

   

23 Cèitean 2019

Tha an tuilleadh fiosrachaidh agus dealbhan rim faighinn aig Susan Gray, Oifis Naidheachdan, Taighean-tasgaidh Nàiseanta Alba, 0131 247 4088, s.gray@nms.ac.uk

Fios don luchd-deasachaidh

  1. Tha Taighean-tasgaidh Nàiseanta Alba air aon de na prìomh bhuidhnean taigh-tasgaidh anns an RA is an Roinn Eòrpa agus bidh e a’ gleidheadh chruinneachaidhean nàiseanta is eadar-nàiseanta. Bidh a’ bhuidheann a’ toirt seachad iasadan, chom-pàirteachasan, rannsachaidh is trèanaidh ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta. ‘S iad na taighean-tasgaidh againn Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Itealaich, Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Beatha Dùthchail agus Taigh-tasgaidh Nàiseanta a’ Chogaidh. Tha goireasan gleidhidh is rannsachaidh cho math ri cruinneachaidhean nach eilear a’ taisbeanadh an-dràsta gan gleidheadh aig Ionad Cruinneachaidh nan Taighean-tasgaidh Nàiseanta ann an Dùn Èideann.
  1. ‘S e Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba an t-ionad as mòr-chòrdte le luchd-turais san Rìoghachd Aonaichte taobh a-muigh Lunnainn (tùs: Association of Leading Visitor Attractions). Chaidh inbhe ‘Gold’ Level Green Tourism a bhuileachadh air Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba ann an 2016.
  1. Dh’fhoillsich Taighean-tasgaidh Nàiseanta Alba Plana Gàidhlig ùr anns an t-Samhain 2017, a chaidh aontachadh le Bòrd na Gàidhlig agus Riaghaltas na h-Alba agus a tha a’ cumail taic ri oidhirpean nan Taighean-tasgaidh Nàiseanta airson a’ Ghàidhlig a ghleidheadh.
Back to Press archive
Previous story Next story

Latest News

World’s largest Jurassic pterosaur unearthed on Scottish island
A spectacular fossil of a huge flying reptile known as a pterosaur, that was found on the Isle of Skye, is the largest of its kind ever discovered from the Jurassic period.
Find out more
Prayer book inscribed by Mary, Queen of Scots to go on display at the National Museum of Scotland
An illustrated prayer book featuring a poem handwritten by the young Mary, Queen of Scots, is to go on display at the National Museum of Scotland from Thursday 31 March.
Find out more
Galloway Hoard yields another exciting discovery, the name of a Bishop Hyguald inscribed on rare rock crystal jar
A rare rock crystal jar found wrapped in textiles as part of the Galloway Hoard has been conserved, revealing a Latin inscription written in gold. The inscription says the jar was made for a bishop named Hyguald.
Find out more
National Museums Scotland gifted rare collection of 17th century Scottish silver
National Museums Scotland have acquired a trio of exceptionally rare silver objects created in Scotland in the 1600s. The quaich, trumpet bell and mazer are important examples of 17th century Scottish craftsmanship and have been donated to the National Collections by Ron and Rosemary Haggarty.
Find out more
New book gives fresh perspective on Scotland’s Viking-age foundations
Crucible of Nations reveals Medieval Scotland as a melting pot of ideas.
Find out more
Back to top